Click on image to return to General Register Office for Scotland - Homepage

A’ Clàradh Com-pàirteachas Catharra ann an Alba

Tha mi airson Com-pàirteachas Catharra a chlàradh an Alba. Ciamar a nì mi seo?

Bha Achd Com-pàirteachas Catharra 2004, a bhuineas don Rìoghachd Aonaichte (RA) gu lèir, air a cur an gnìomh air 5 Dùbhlachd 2005. Treòraichidh na notaichean a leanas thu tro na foirmealachdan laghail deatamach.

Tha obair-pàipeir ri lìonadh, agus feumaidh tu àite, ceann-là agus uair a chur air dòigh. ’S dòcha gum bi e feumail dhut na sgrìobhainnean a leanas mu na riatanasan againn a luchdadh sìos.
 
Feumaidh faidhlichean pdf Acrobat Reader. Luchdaich sìos Acrobat Reader an-asgaidh Faigh Acrobat Reader.

Bu chòir gum freagradh bileag RCP1 a’ chuid as motha de na ceistean agad, ach cùm air chuimhne na puingean a leanas:

  • Cuir fòn chun an Neach-clàraidh ionadail taghte daonnan mus lìon thu foirm CP10.
  • Ma tha thu ag iarraidh Com-pàirteachas Catharra a chlàradh, ’s urrainn dhan Neach-clàraidh do chuideachadh a’ taghadh latha agus uair, agus innse dhut dè na cìsean is dòcha a bhios rim pàigheadh.
  • Bheir e cothrom dhut cuideachd dearbhadh dè an dòigh pàighidh ris an gabh an Neach-clàraidh.
  • Bu chòir do gach pàirtiche a tha am beachd an Com-pàirteachas Catharra a chlàradh seòladh agus àireamh-fòn a thoirt don Neach-clàraidh (agus ma bhios e comasach, àireamh-facs).
  • Feumaidh tu na foirmean air an lìonadh a chur dhan phost (chan ann air post-dealain) (a’ gabhail a-steach a’ cheisteachain ma tha thu a’ cur a-steach sgrìobhainnean sgaradh-pòsaidh/sgaoilidh bho thaobh a-muigh Bhreatainn), a’ chiad bhreacadh de sgrìobhainnean no lethbhric dearbhte leis an ùghdarras a thug seachad iad agus suim airgid iomchaidh don Neach-clàraidh ionadail (chan ann gu Oifis Choitcheann a’ Chlàraidh airson Alba (GROS)) airson ruigsinn mar as trice 4-6 seachdainean ro cheann-là a’ Chom-pàirteachas Catharra agus co-dhiù gun a bhith nas fhaide na 15 làithean roimhe.
  • Ann an suidhichidhean àraidh, iarraidh an Neach-clàraidh do chead-siubhail dligheach no sgrìobhainn eile fhaicinn airson do nàiseantachd a dhearbhadh.

A bheil thu fo smachd riaghailtean in-imriche?

Ma tha chan urrainn dhut rabhadh a thoirt gu bheil thu am beachd Com-pàirteachas Catharra a chlàradh:

  • mur eil cead inntrigidh agad air a bhuileachadh a dh’aona ghnothaich airson Com-pàirteachas Catharra a chlàradh san RA.

    ’S e cead inntrigidh buileachadh cead a thighinn a-steach dhan RA le Oifigear Cead Inntrigidh ann an Ambasaid/Àrd-choimisean Bhreatainn anns an dùthaich dham buin an neach sin. Mar as trice bidh e air a shealltainn mar bhìosa ann an cead-siubhail no sgrìobhainn-siubhail an neach sin.

  • No ma tha cead sgrìobhte agad bho Rùnaire na Dùthcha airson Com-pàirteachas Catharra a chlàradh san RA – bidh seo ann an cruth teisteanas cead, a gheibhear bhon Roinn In-imrich agus Nàiseantachd.

    Mar as trice bidh seo air a thoirt seachad ma chaidh cead a thoirt don duine a thighinn a-steach don RA no fuireach ann airson còrr air sia mìosan bhon cheann-là air an tàinig iad don RA agus ma tha an cead sin aige fhathast. Feumar an teisteanas cead a thoirt don neach-clàraidh nuair a tha rabhadh air a thoirt seachad.

  • No ma tha thu taobh a-staigh clas dhaoine air an comharrachadh le Rùnaire na Dùthcha.

    ’S e duine le inbhe stèidhichte anns an RA a bhios an seo.

Tha dleastanas reachdail aig luchd-clàraidh innse mu Chom-pàirteachas Catharra sam bith a shaoileas iad a chaidh a chlàradh a dh’aona ghnothaich airson riaghailtean in-imrich reachdail a sheachnadh.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bhon Ambasaid, Consalachd no Àrd-choimisean as fhaisge no cuir fòn gu Biùro Rannsachaidh In-imrich agus Nàiseantachd air 0870 606 7766, no sgrìobh gu Buidheann-stiùiridh In-imrich & Nàiseantachd, Lunar House, 40 Wellesley Road, Croydon, CR9 2BY airson comhairle.

Tha mi airson an Com-pàirteachas Catharra a chlàradh “gun fhios” dham chompanach. A bheil seo comasach?

Chan eil. A rèir an lagha feumaidh gach pàirtiche anns a’ chlàradh Com-pàirteachas Catharra foirmean rabhadh pòsaidh a chur gu neach-clàraidh na sgìre anns a bheil an clàradh Com-pàirteachas Catharra a’ gabhail àite. Tha seo a’ ciallachadh gum feum gach pàirtiche a bhith mothachail air an seo agus mar phàirtiche fa leth an dearbhadh air foirm CP10 a lìonadh agus an ainm a chur ris gus am bi am fiosrachadh a bheirear seachad ceart. Mura bi rabhadh iomchaidh air a thoirt dh’fhaodadh e dàil a chur air a’ chlàradh Com-pàirteachas Catharra no a chumail gun a dhol air adhart.

Am bi cothrom againn air seirbheis an Alba agus dè an riochd anns am bi i?

Chan eil Achd Com-pàirteachas Catharra 2004 a’ toirt modh cainnte air òrdachadh san lagh a dh’fheumar a chleachdadh aig àm clàradh Com-pàirteachasan Catharra an Alba. Tha an t-Àrd-Neach-Clàraidh ag ullachadh modh cainnte mar stiùireadh do luchd-clàraidh ionadail. Mar sin, nam biodh sibh ag iarraidh seirbheis mar phàirt den chlàradh Com-pàirteachas Catharra agaibh, bu chòir dhuibh fios a chur gu neach-clàraidh na sgìre anns a bheil sibh am beachd an Com-pàirteachas Catharra agaibh a chlàradh. Mìnichidh i no e dhut dè an t-ullachadh a dh’fhaodar a dhèanamh san sgìre. Cuideachd, bhiodh i no e toilichte daingneachadh ro-làimh am modh cainnte a dh’fhaodadh a bhith air a chleachdadh anns an t-seirbheis.

Chan e seirbheis chreidmheach a th’ ann an clàradh Com-pàirteachas Catharra, agus mar sin chan fhaod pàirt creidmheach sam bith a bhith anns na foirmealachdan laghail (no ann an seirbheis sam bith a dh’aontaicheas an neach-clàraidh a choileanadh). Ach, nam biodh tu ag iarraidh seirbheis no beannachd creidmheach, faodaidh tu seo a chur air dòigh air leth bho na foirmealachdan laghail a bhuineas do chlàradh do Chom-pàirteachas Catharra.

Tha mi airson Com-pàirteachas Catharra a chlàradh thall thairis. Dè na sgrìobhainnean a dh’fheumas mi a shealltainn?

Bu chòir dhut fios a chur gu Consalachd/Ambasaid na dùthcha iomchaidh gus comhairle fhaighinn air dè na pàipearan a bhithear ag iarraidh.

Tha mi a’ clàradh Com-pàirteachas Catharra thall thairis agus feumaidh an earrann breith agam a bhith "dearbhte". Ciamar a nì mi seo?

Gheibhear "dearbhadh" bho Oifis Choitcheann a’ Chlàraidh airson Alba airson suim airgid. Cuir post-d chun na roinn dearbhadh earrannan (authentication of extracts section) a’ cleachdadh ar Foirm Conaltraidh (Contact Form). Bidh iad toilichte do chuideachadh agus bheir iad comhairle dhut mun t-suim airgid a bhios ri phàigheadh.

Thoir aire nach gabh riaghaltas a h-uile dùthaich cèin ri "dearbhadh" agus bidh cuid dhiubh ag iarraidh rud ris an canar "apostille" sgrìobhte air cùl earrainn. Tha seo air a riaghladh le cùmhnant eadar-nàiseanta agus tha e an urra ri Oifis nan Dùthchannan Cèin agus a’ Cho-fhlaitheis an "apostille" a chur ris. Ma dh’fheumas tu "apostille" cuir fios gu Oifis nan Dùthchannan Cèin agus a’ Cho-fhlaitheis (Foreign and Commonwealth Office) (Fòn: 020 7008 1111).

Am faod sinn ar Com-pàirteachas Catharra a chlàradh ann an àiteachan eile a bharrachd air oifis clàraidh?

Tha Earrann 93 de Achd Com-pàirteachas Catharra 2004 a’ toirt cead do 2 dhaoine a bhith clàrte mar chom-pàirtichean dha chèile aig oifis clàraidh no aig àite sam bith eile a tha iad fhèin agus an t-ùghdarras clàraidh ionadail (i.e. a’ Chomhairle ionadail) ag aontachadh mar an t-àite clàraidh.

Ach, tha Earrann 93 ga dhèanamh soilleir nach fhaod an t-àite a bhith ann an togalach creidmheach, ’s e sin togalach-

(a)

a tha air a chleachdadh a-mhàin no gu h-àraidh airson adhbharan creidmheach, no
 

(b)

a bha air a chleachdadh airson seo agus nach robh an dèidh làimhe air a chleachdadh a-mhàin no gu h-àraidh airson adhbharan eile.

 

Mar sin, bu chòir dhut fios a chur gu neach-clàraidh na sgìre anns a bheil thu airson do Chom-pàirteachas Catharra a chlàradh gus bruidhinn mu dè na h-àiteachan a dh’fhaodadh a bhith freagarrach. Faodaidh tu Leabhar-seòlaidh Luchd-clàraidh an Alba a luchdadh sìos a’ cleachdadh a’ cheangail gu h-àird.

Puingean Conaltraidh airson tuilleadh fiosrachaidh:

Sgrìobh, fòn no tadhail oirnn aig Taigh Ùr a’ Chlàraidh. Faic ar duilleag Far an lorgar sinn (Where to find us) airson ar seòladh agus ar duilleag Cuiribh Fios Thugainn (Contact Us) airson an àireamh-fòn againn.

Faodaidh tu post-dealain a chur chun an earrann tùs-obair Com-pàirteachas Catharra (civil partnership preliminaries section) no an earrann dearbhadh earrannan (authentication of extracts section) againn a’ cleachdadh ar foirm conaltraidh (contact form).

English

Air ais chun toiseach


Page last updated: 23 November 2006


If you have any comments about this website please use our contact form.

© Crown Copyright 2008